Pàdruig Morrison
Composer / Accordionist / Pianist
Performances
About
Rugadh agus thogadh Pàdruig Lachlainn Phàdruig ann an Griomasaigh, an Uibhist a Tuath, 's e air a bhogadh ann an coimhearsnachd làn de cheòl agus Gàidhlig. 'S ann às a seo a thàinig ùidh ann an ceòl agus dualchas nan Gàidheal, ach bhon a bha e òg, tha e air a bhith ag amas air ceòl ùr de dh'iomadach gnè.
Bidh Pàdruig cuideachd a' cluich mar phàirt de chòmhlain-chiùil. Bha Causeway Trio suas airson a' BhBC Radio 2 Young Folk Award 2016. Gheibhear barrachd fiosrachadh mun deidhinn an seo: http://www.causewaytrio.com Tha e cuideachd traing a' cluich leis a chòmhlan Beinn Lì, a' cluich aig fèiean, ceilidhean agus bainnsean. Bha 2018 traing dhaibh 's iad a' cluich air feadh Alba 's iad a' taisbeanadh an clàr 'Osgarra' a thàinig a mach air 01/06/18. Seo iad: https://www.facebook.com/beinnlee Theann e air ceòl Chlassaigeach a' bhogsa le Djordje Gajic ann an 2012 's e ann an Sgoil Chiùil Naoimh Mhoire. Ann an 2013 b'esan a' chiad neach a fhuair a staigh dhan chuairt mu dheireadh de cho-fharpais concerto Fhèis Cho-fharpaiseach Dhùn Èideann, 's leis a sin chluich e concerto Piazzolla air a' bhogsa le orchestra ann an Talla na Bàn-Rìgh ann an Dùn Èideann. Ann an 2016 cluich e anns an Roinn Èorpa agus ann am Breatainn leis an fhìdhlear chliùtach John McCusker. Tha ùidh aige ann a bhith a' sgrìobhadh ceòl, agus ann an 2014 sgrìobh e ceòl dhan fhiolm 'An Dotair Mòr' a chaidh air BBC Alba. Ann an 2020, bha e sa chuairt mu dheireadh de Ceòladair Òg na Bliadhna aig Rèidio Alba, agus cuideachd chaidh fhaighneachd gus ceòl a sgrìobhadh airson cuirm New Voices aig Celtic Connections. Tha Pàdruig dìreach air rannsachadh PhD ann an sgrìobhadh-ciùil a chrìochnachadh aig anns an dòigh 's a tha ceòl Gàidhealach agus ceòl ùr chlasaigeach a' dol còmhla.. |
On the Hebridean island of Grimsay, Pàdruig Morrison was brought up surrounded by the culture, the music and the language of the Gaels. Pàdruig grew up with a rich inheritance from the Gaelic oral tradition, and since an early age has strived to develop his music to new and old styles in classical and traditional music.
In addition to solo performances, Pàdruig plays as part of several ensembles. Causeway Trio were successful in being finalists of the 2016 BBC Radio 2 Young Fold Award. Find out more here: http://www.causewaytrio.com He also play in the six-piece ceilidh-folk band Beinn Lee who play at fesivals, ceilidhs and weddings. 2018 saw they play around Scotland at various festivals following the release of their debut album 'Osgarra'. Find out more here: https://www.facebook.com/beinnlee He began studying Classical Accordion with Djordje Gajic when attending St Mary Music School, Edinburgh in 2012. In 2013 he was the first accordionist to reach the final of the Edinburgh Competition Festival concerto competition, resulting in him performing Piazzolla's concert on the accordion with orchestra in the Queen's Hall, Edinburgh, working with conductor David Watkin respectively. In 2016 he performed at European Festivals with accomplished traditional musician John McCusker. Pàrduig also has keen interests in composition, writing the soundtrack to the BBC Alba film 'An Dotair Mòr' in 2014. In 2020 he was a BBC Radio Scotland Young Musician of the Year Finalist, and also received a commission from Celtic Connections for a New Voices concert. Pàdruig has just completed a composition PhD researching the confluence of Scottish traditional music and contemporary composition at Maynooth University. |